Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann

'S e fèill fad seachdain a th' ann an Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann, a bhios a' comharrachadh cànan, cultar is coimhearsnachd na Gàidhlig anns a' bhaile mhòr.

Students dancing at a ceilidh during Gaelic Week.
Cèilidh a' Chomainn Cheiltich, Seachdain na Gàidhlig 2024.

Tha an fhèill air a cumail ann an co-bhonn le Comhairle Baile Dhùn Èideann agus aig a' cheart àm ri Seachdain na Gàidhlig ("World Gaelic Week"). Gach bliadhna, bidh an t-Oilthigh a' cumail sreath de thachartasan aig deireadh a' Ghearrain gus cànan is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh. 

Seachdain na Gàidhlig aig an Oilthigh

Bidh tachartasan ann do gach duine aig Seachdain na Gàidhlig - oileanaich, luchd-obrach is muinntir na coimhearsnachd, fileantaich is luchd-ionnsachaidh.

Ann an 2024, chaidh sreath de thachartasan a chumail aig an Oilthigh, a' toirt a-steach cearcallan còmhraidh, sgrìonadh fiolm, cèilidh còmhla ris a' Chomann Cheilteach, agus drop-in sònraichte agus Pop Up Gàidhealtachd còmhla ri Comann Oileanach Oilthigh Dhùn Èideann (EUSA). 

Seachdain na Gàidhlig sa bhaile

A bharrachd air na tachartasan a bhios a' ruith aig an Oilthigh, bidh sreath de thachartasan air leth ga chumail air feadh a' bhaile. Ann an 2024, bha 25 tachartasan uile gu lèir sa bhaile, air an cumail le 20 diofar bhuidhnean, nam measg, bha Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba agus Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann.  

Airson barrachd fhaighinn a-mach mu Sheachdain na Gàidhlig sa bhaile, rach do làrach-lìn na fèille. 

Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann 

Ar Sgeul 

Children crafting at Pop Up Ionad event.
Ionad Pop Up còmhla ri Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, Seachdain na Gàidhlig 2024.

Chaidh Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann a stèidheachadh le Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2014 mar fhèill bhliadhnail a bhios a' comharrachadh coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, mar a bha is mar a tha. Às dèidh dà fhèill shoirbheachail sa chiad bhliadhna, thàinig an t-Oilthigh còmhla ri Comhairle Baile Dhùn Èideann gus Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann a chumail ann an 2015. Thèid an fhèill air a cumail eadar an Oilthigh agus a' Chomhairle a-nis, agus aig a' cheart àm ri Seachdain na Gàidhlig ("World Gaelic Week") air fad, a chaidh a stèidheachadh ann an 2021.

Cuir fios 

Ma tha thu ag iarraidh fiosrachadh a bharrachd air neo tachartas a chur ris a' phrògram, cuir fios thugainn. 

Cuir fios | Seachdain na Gàidhlig 

 

 

 

Read this page in English.